1991 Census – Scotland Region Monitors

These Monitors contain a summary of the final figures of the population and housing for regions of Scotland and their districts. The population statistics supersede the provisional figures of the population present in each area, based on counts made by enumerators, that have appeared in the Preliminary Report. Statistics in these monitors are taken from the 100 per cent Local Base Statistics, which are published, in full, in the Region Reports (Part 1).

Comparisons between the resident populations and counts of households with residents in 1981 and 1991 use the 1981 population base: that is, absent households are excluded.

Relationship to Registrar General’s mid-year population estimates

The Registrar General’s mid-year estimates for mid-1991 and subsequent years will take the Census usually resident population base as their starting point. For this purpose, the counts will be adjusted in a number of ways, including the following:

(1) Adjustment, as necessary, for any under-enumeration in the Census, using results from the Census Validation Survey and any other appropriate evidence, in line with the practice followed after the 1981 Census.

(2) Adjustments needed because the population is defined differently in the estimates from the way it is defined in the Census. In particular, students are included as resident at their term-time address, rather than at the parental home. An extra question on term-time address of students was included in the 1991 Census to provide a better basis for this adjustment, and the net effect on each area will be calculated when answers to this question have been analysed for all areas. Other adjustments will need to be made in respect of armed forces personnel and their dependants.

Any differences between Census counts of residents and the Registrar General’s current population estimate for mid-1990 should be interpreted in the light of the above

Notes

1. The 1991 Census statistics for the counties and districts are compiled on two population bases:

a) the population present in the area on Census night;

and

b) the population resident in the area, whether or not present in the area on Census night.

Visitors to an area on Census night, if usually resident outside the area, are included in (a) but not (b). People usually resident in an area but who were absent on Census night are included in (b) but not (a). In the 1991 Census such absent residents were counted in one of two ways: either from information provided by the form-filler in the census return made at the address of their usual residence; or, in the case of wholly absent households, from information provided on a census form left at the usual address and completed, voluntarily, by the householder on his/her return. Some data for wholly absent households, from whom no returns were received by the Census Offices, have been imputed (see 1991 Census Definitions, Great Britain, HMSO, 1992). Corresponding figures of residents from the 1981 Census do not include wholly absent households.

Returns from communal establishments covered only those people present on Census night. In the resident population base, people present in communal establishments are included only if they were resident at the establishment.

Most of the 1991 Census statistics given in these monitors refer to the resident population, but in tables A and B preliminary counts of the population present for 1981 have been used because they are felt to be more generally accurate than the final 1981 counts of the population present which were inflated by a processing error (see 1981 Census Monitor CEN 82/3). The 1981 preliminary counts have been corrected for a few errors (also reported in Monitor CEN 82/3), and for boundary changes between 1981 and 1991. Because of the preliminary nature of these figures, they have been rounded to the nearest hundred before presentation.

2. Tables C, E, F, G, I, K and L and M include comparisons of the resident population and households with residents in 1981 and 1991. These comparisons are made using the 1981 resident population base (that is, the 1991 statistics used in the comparisons exclude wholly absent households in the same way that the 1981 statistics do) to give a valid picture of intercensal changes.

The 1981-91 comparisons in Tables F and K use the 1981 definition of students, in which all students are categorised as economically inactive. The main sections of these tables use the 1991 definition, in which students who were in employment or seeking work in the week before the Census are categorised as economically active and are included in the relevant economically active categories.

3. 1981-91 comparisons of residents and households with residents in the introductory text, use the 1981 population base. In the introductory text, some intercensal changes are expressed in terms of ‘percentage points’. This is the arithmetic difference between the 1991 percentage and the 1981 percentage.

4. The following terms appear in the Monitor tables (see 1991 Census Definitions for full details):

 

5. Percentages in the tables do not necessarily add up to exactly 100 per cent, because each is individually rounded.

6. Vertical lines in the tables separate different analyses. Percentages or counts should only be summed within vertical lines.

7. In the tables a count or percentage of zero is shown by a dash (-). In Tables A and B percentages of less than 0.005 per cent are shown as 0.00 per cent. In other tables percentages of less than 0.05 per cent are shown as 0.0 per cent.

In Tables E, F, I, K and L, a blank means that no relevant a1981 Census data exist.

In Table G the 1981 percentages for household amenities straddle two columns because no information on central heating was collected in the 1981 Census.

 

 

An ceangal ri tuairmsean sluaigh meadhan bhliadhnail Ard Chlàradair na h-Alba

Cleachdar mar stèidh ann an tuairmsean Ard Chlàradair na h-Alba airson meadhan bliadhna 1991 agus na bliadhnachan a tha a' tighinn às an dèidh, figearan a' Chunntais-sluaigh air an àireamh dhaoine a tha a' còmhnaidh anns gach àite. Airson an adhbhar seo thèid na h-àireamhan atharrachadh ann an grunnan dhòighean, a' gabhail a-steach nan nithean a leanas:

(1) Leasachdadh, mar a bhitheas feum air, ma chaidh feadhainn fhàgail às a' Chunntas-sluaigh, a' cleachdadh fiosrachadh à Sgrùdadh-dearbhaidh a' Chunntas-sluaigh, agus fios iomchaidh sam bith eile a rèir mar a chaidh dhèanamh an dèidh Cunntas-sluaigh 1981.

(2) Leasachadh a dh'fheumar a dhèanamh seach gu bheil an sluagh air a mhìneachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte sna tuairmsean seach mar a tha e sa Chunntas-sluaigh. Gu sònraichte na h-oileanaich, tha iadsan air an cunntadh mar gum bitheadh iad a' còmhnaidh san fhàrdaich sa bheil iad a' fuireach fhad's a tha iad a' faighinn am foghlam 's chan ann mar gum bitheadh iad a' fuireach ann an dachaighean am pàrantan. Chiadh ceist a-bharrachd a chur sa Cheisteachan ann an 1991, mu shèoladh oileanach fhad's a bha iad a' faighinn am foghlamachadh, gus am bitheadh stèidh na b' fheàrr ann airson an leasachaidh seo, agus thèid a' bhuaidh air gach àite a thomhas an uair a thèid freagairtean na ceist seo a sgrùdudh. Feumar leasachadh eile a dhèanamh a-thaobh luchd nan seirbheisean dìon agus an fheadhainn a tha an urra riutha.

 

NOTAICHEAN

  1. Chaidh àireamhan Cunntas-sluaigh 1991 airson nan Eilean an Iar an ullachadh a rèir dà stèidh-sluaigh:
  1. an sluagh a bha an làthair air oidhche a' Chunntais-sluaigh; agus
  2. an sluagh as àbhaist a bhith a' còmhnaidh san àite ged a bu dòcha nach robh cuid dhiubh an làthair air oidhche a' Chunntais-sluaigh.

 

Tha an luchd-turais a bh' anns an àite, ma 's àbhaist dhaibh a bhith a' còmhnaidh an àiteigin eile, air an cunntadh ann an (a) ach chan eil ann am (b). Tha daoine as àbhaist a bhith a' còmhnaidh san àite ach a bh' air falbh air oidhche a' Chunntais-sluaigh air an cunntadh ann am (b) ach chan eil ann an (a). Ann an Cunntas-sluaigh 1991 chaidh an fheadhainn seo a bha air falbh a chunntadh an dara cuid bhon fhiosrachadh a fhuaireadh bhon neach a lìon a-steach foirm a' chunntais-sluaigh aig an fhàrdaich, no, ma bha an teaghlach air fad air falbh, bhon fhiosrachadh a chaidh fhaighinn anns an fhoirm a chaidh fhàgail aig an dachaigh 's a lìon ceann na fàrdaich a-steach gu saor-thoileach, an uair a thill e/i. Chaidh data a lìonadh a-steach airson cuid de fhàrdaichean bho nach d'fhuair Oifis a' Chunntais-sluaigh fiosrachadh sam bith (faic Mìneachadh a' Chunntais-sluaigh 1991 Breatunn, HMSO, 1992). Chan eil na h-àireamhan de luchd-còmhnaidh bho Chunntas-sluaigh 1981 a' gabhail a-steach nan teaghlaichean sin a bha air falbh air fad.

Chan eil na freagairtean a fhuaireadh bho thoglaichean poballach a' cunntadh ach na daoine a bha an làthair air oidhche a' Chunntais-sluaigh. Ann an stèidh-sluaigh an luchd-còmhnaidh, chan eilear a' cunntadh an fheadhainn a tha an làthar ann an toglaichean poballach mur eil iad a' còmhnaidh san togalach.

Tha a' mhòr-chuid de àireamhan Cunntais-sluaigh 1991 sa Phàipear Comhairleachaidh seo a' dèiligeadh ris an t-sluagh a tha a' còmhnaidh san roinn, ach tha Clàran A agus B a' gabhail a-steach an sluagh a bha an làthair.

  1. Tha Clàran C, E, F, G, I, K, L, agus M a' dèanamh coimeas eadar an sluagh a bha a' còmhnaidh san àite ann an 1981 agus 1991. Chaidh an coimeas sin a stèidheachadh air stèidh-sluaigh an luchd-còmhnaidh ann an 1981 (mar sin, tha na h-àireamhan a chaidh a chleachdadh airson 1991, gus coimeas a dhèanamh, a' fàgail às nan teaghlaichean a bha air fad air falbh anns an aon dòigh 's a bha na h-àireamhan airson 1981), gus am faighear dealbh nas cothromaiche air na h-atharrachaidhean eadar an dà Chunntas-sluaigh.
  2. Ann a bhith a' dèanamh coimeas eadar 1981 agus 1991 ann an Clàran F agus K chaidh gabhail ris a' mhìneachadh a chaidh a dhèanamh ann an 1981 a-thaobh oileanaich, far a bheilear a' gabhail ris nach eil oileanaich an ceann an cosnaidh. Tha na prìomh earrannan de na clàran seo a' cleachdadh a' mhìneachaidh a rinneadh ann an 1991, far an robh oileanaich a bha ag obair, no a bha a' sireadh obrach an t-seachdain ron Chunntas-sluaigh, gam meas mar gun robh iad comasach air a dhol an ceann an cosnaidh agus tha iad air an cunntadh anns na h-earrannan iomchaidh a thaobh cosnaidh.

  3. Tha an coimeas a rinneadh eadar 1981-1991 de luchd-còmhnaidh agus fàrdaichean le daoine a' còmhnaidh annta, anns a' roimh-ràdh, a' cleachdadh stèidh-sluaigh 1981. Anns an roimh-ràdh tha cuid de na h-atharrachaidhean eadar an dà chunntas-sluaigh air an cur sios mar "phuingean sa cheud". 'S e seo an deifear eadar an àireamh phuingean ann an 1991 agus ann an 1981.
  4. Chaidh na teirmean a leanas a chleachdadh sna Clàran comhairleachaidh(faic Mineachadh a' Chunntais-sluaigh 1991 airson tuilleadh fiosrachaidh):

 

 

 

  1. Uaireannan chan eil na h-àireamhan sa cheud a' cur-ris gu ceud oir bithear gan toirt chun nan àireamh slàn as fhaisge.
  2. Tha na loidhnichean dìreach sna clàran a' dèanamh sgaradh eadar mìneachadh eadar-dhealaichte. Cha bu chòir a bhith a' cunntadh àireamhan no puingean sa cheud ach an taobh a-staigh nan loidhnichean sin.
  3. Anns na Clàran tha neoni no neoni sa cheud air a chomharrachadh le sgrìob (-). Ann an Clàr A agus B tha tomhasan nas lugha na 0.005 sa cheud air an comharrachadh mar 0.00 sa cheud. Ann an clàran eile tha tomhasan nas lugha na 0.05 sa cheud air an comharrachadh mar 0.0 sa cheud.

Ann an Clàran E,F,I,K agus L tha beàrn a' ciallachadh nach eil dad a bhuineas ris a' chlàr ann an data Cunntas-sluaigh 1981.

Ann an Clàr G tha na h-àireamhan sa' cheud airson 1981 a' dol thairis air dà cholbh oir cha deach fiosrachadh mu theas fhaighinn ann an Cunntas-sluaigh 1981.